Dè tha dol agaibh?

Tha a' mhòr-chuid de leabhraichean Ùr-Sgeul rim faighinn air www.gaelicbooks.org cuideachd

Dihaoine 5mh an Dùbhlachd 2008 - 7 feasgar, Fruitmarket Gallery, Dùn Èideann

27/11/2008 - Leabhar ùr - ro-shealladh air 5mh an Dùbhlachd 2008, Dùn Èideann
An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile. Ro-shealladh ann an Dùn Èideann, 7 uairean feasgar Dihaoine 5mh an Dùbhlachd, Fruitmarket Gallery (ri taobh Waverley Station).

Bidh Kirsteen NicDhòmhnaill, Seumas Graham, Mark Neilly agus a chòmhlan + feadhainn eile ann. Bidh deoch, comhradh agus cothrom èisteachd ri ùghdaran eadar-dhealaichte ann. Tha Bothan a' cur taic ris an oidhche seo, còmhla ri Comhairle nan Leabhraichean. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn bho: launch@gaelicbooks.net
tuilleadh


Taingeil Toilichte - ùr an 2008 bho Norma NicLeòid

Taingeil Toilichte
le Norma NicLeòid

An darna leabhar san t-sreath de thrì - sgeulachd mu thachartasan agus mu dhìleab teaghlaich a thòisich leis a’ chiad leabhar, Dìleas Donn.

Tha fichead bliadhna air a dhol seachad agus tha Melanie a’ ceumnachadh à oilthigh Obar Dheathain, agus às dèidh sin a’ dèanamh tràchdas ann an Saidhceòlas mu chreideamh ann an Leòdhas. Tha i a’ faighinn bheachdan eadar-dhealaichte mun cheist, a tha an dà chuid nan uallach dhi agus nan cuideachadh. Tha sinn a’ faighinn a-mach tuilleadh mu na caractaran a ...
tuilleadh