|
Dìomhanas - leirmheas sa phàipear-naidheachd The Scotsman Leirmheas sgrìobhte le Raghnall MacilleDhuibh, 2008
"A-nise, 35 bliadhna as dèidh An Aghaidh Choimheach, seo, mu dheireadh, cruinneachadh sgeulachdan a ghabhas coimeas ris."
THA mi uabhasach toilichte Dìomhanas le Fionnlagh MacLeòid (Clàr, £8.99) fhaicinn an clò. Bha fios agam riamh gur e sgrìobhadair math a bh' ann an Dr Finlay, ach mas e "roghnaich" am facal, roghnaich e cùrsa beatha bha buileach an aghaidh na roghnaich sàr sgrìobhadair Leòdhasach eile, Iain Moireach.
Thòisich Iain ann an 1973 le cruinneachadh de sgeulachdan goirid, An Aghaidh Choimheach, a bha cho math ri dad a chaidh sgrìobhadh an Gàidhlig riamh. An uair sin chaidh e an sàs ann an rudan eile – foghlam, na meadhanan, rianachd, dealbhan cluiche.
Ghabh Fionnlagh rathad eadar-dhealaichte. Thòisich esan 'na shaiceòlach an Obar Dheathain (agus tha saiceòlas cudromach san leabhar seo). Thill e Leòdhas, rinn e dealbhan-cluiche, rianachd, na meadhanan (a' ruith companaidh telebhisean). A-nise, 35 bliadhna as dèidh An Aghaidh Choimheach, seo, mu dheireadh, cruinneachadh sgeulachdan a ghabhas coimeas ris.
Gu h-iongantach, chan e An Aghaidh Choimheach a' chiad rud a tha Dìomhanas a' toirt gu m' inntinn idir ach na sgrìobhaidhean aig Dòmhnall MacLaomainn. Air dà adhbhar. Aonan, chan e buileach sgeulachdan a th' annta seo air fad. Tha cuid dhiubh 'nan cunntaisean, neo 'nan aistidhean. 'S a dhà, pàirtean bodhaig.
Seadh, pàirtean bodhaig. Bha sgeulachd mhìorbhaileach aig MacLaomainn, "Fear a Chaill a Chogais", far an robh a' chogais chaillt' air a cur an cèill mar nì a ghabhadh glacadh eadar corrag agus òrdag. Tha trì pìosan aig Fionnlagh den t-seòrsa seo: "Ùrachadh", far a bheil duine faighinn cridhe duin' eile 's tha a bhuil air; "An Cluaisean", mu obarèisean beag tonsils a tha dol ceàrr 's a' fàgail a' ghille seo a' bruidhinn tro chluasan 's le dà eanchainn aige, tè a bhruidhneas Gàidhlig 's tè a bhruidhneas Beurla; agus "Tiop", air a sheatadh 200 bliadhna romhainn, nuair a gheibh daoine chip 'nan ceann a bheir cànan ùr dhaibh, 's a roghnaicheas aon ghille crosta a' Ghàidhlig – uile rud beag ro anmoch ge-tà. Tha iad seo 'nam measgachadh mìorbhaileach de shaiceòlas, de dh'fhealla-dhà 's de dh'aoir.
Tha 24 pìosan ann an Dìomhanas. Chan eil fios cuin a chaidh gach gin a sgrìobhadh oir chan eil Fionnlagh a' leigeil air. Uile gu lèir, tha iad a' nochdadh a' mhic-mheanmna aig duin' a bha riamh òg, miann nach gabh riarachadh gu cruthan ùra 's diofar stoidhlichean fheuchainn, sàr Ghàidhlig nach eil aig an òigridh tuilleadh – agus priob-sùla a' bhodaich.
Canam facal no dhà mu na seòrsaichean dhan do mhothaich mi. Tha "A' Dùsgadh Chlach", "Na h-Ailbhein Gaoithe" agus "Dùsgadh" mun neònachas a bheir creideamh air daoine. Tha "Air an Rathad" agus "Cur Seachad na Tìde" (a tha a' faighinn a neart o Ghàidhlig shìmplidh) mu dhubh-chosnadh nam boireannach.
Tha trì pìosan a' cleachdadh siubhal nan smuaintean à la Joyce: "Latha Eile", "Caitheamh-Beatha" – agus "Iomrall", far a bheil "mise" dol 'na "esan" 's air ais.
Tha Fionnlagh aig an taigh anns gach linn eachdraidheil. Tha "Còmhla" air a sheatadh ann an àm fada bhuainn coltach ri The Dark Twin aig Marion Campbell. Tha "An Ceistear" mu mhurt o chionn 200 bliadhna. Ann an sgeulachdan eile chì sinn an saoghal tro na sùilean aig Mac an t-Srònaich 's aig càirdean nan daoine a dh'eug air Rònaigh.
Ann an "Cùil Lodair" tha sinn ann an dà thìm aig an aon àm. Tha na Leòdhasaich a' cluinntinn air Radio nan Gaidheal g'eil blàr gu bhith aig Cùil Lodair 's gum bi am BBC ann. Thèid iad ann le'n claidhean air aiseag CalMac. A bheil e 'g obrachadh? Thà. "Bhuail cnap mòr de rudeigin air cliathaich an OB 's chriothnaich e na bha na bhroinn. 'Na bugairean,' dh'èigh fear. 'Gheall iad nach buaileadh iad sinn.'"
Tha an leabhar dìreach a' tighinn nas fheàrr 's nas fheàrr mar a tha thu a' leughadh. Tha dà aoir ann, "Aiseirigh" agus "Triùir Nighean an Rìgh agus Mac na Banntraich", far a bheil saoghail na beul-aithris 's an latha an-diugh a' bualadh 'na chèile. Le brag. 'S tha ceithir pìosan ann a bu chòir do gach Gaidheal an leughadh, oir tha iad a' déiligeadh gu drùidhteach, lèirsinneach, eirmseach le saoghal na Gàidhlig an-diugh. Rangaichte bho "gun dòchas" gu "dòchas", is iad seo "An Dachaigh", "Ist! Eil e ach an Leth-Uair Co-Dhiù?", "A' Chùil", agus "A Chàirdean, Cà'il am Bàr?"
Tha mi a' moladh Dìomhanas le m' uile chridhe.
Raghnall MacilleDhuibh, The Scotsman, 2008
Tuilleadh fiosrachaidh mun leabhar an seo
|
|
|
|