Leac a' Li, Na Hearadh Dihaoine 26 an t-Sultain 7.30 feasgar

Theid leabhar ùr Mhàrtainn Mhic an t-Saoir An Latha as Fhaide a chur air bhog anns Na Hearadh air Dihaoine 26 An t-Sultain 2008, aig 7.30 feasgar anns a Bhays of Harris Community Centre, Leac a' Li.

Bidh seo fosgailte do neachd sam bith agus tha e an asgaidh.

Còmhla ri Màrtainn air an oidhche, bidh luchd-ciuil Eireannach: Con Durham, piobaire a Baile Ath' Cliath, agus Mairead Ni Fhlatharta, bana-sheinneadair a County Galway. Bidh clann Àrd-Sgoil Sir E. Scott an-sas ann, còmhla ri luchd-seinn eile às na Hearadh cuideachd.

Calum MacAoidh am fear an taighe a bhios ann.

Biadh, deoch, ceòl agus deagh leabhar ùr - dè corr a tha dhìth? Chì sinn ann sibh.