|
Leabhar 's Craic - Disathairne 24 an Cèitean 2008
Fèis litreachais ùr do Ghlaschu!
24 an Cèitean 2008, 1pm, Centre for Contemporary Arts (CCA) Sràid Sauchiehall, Glaschu, Alba
Cuiribh fòn chun a CCA Fòn 0141 353 4900 airson tuilleadh fiosrachaidh agus tiogaidean.
Bidh Leabhar 's Craic - fèis ùr - a' toirt suil air litreachas na Gàidhlig, tro na bàird, sgrìobhadairean nobhail is sgeulachdan goirid againn. Bidh sgrìobhadairean is bàird ann mar a leanas: Anna Frater, Rody Gorman, Griogair Labhruidh, Màrtainn Mac an t-Saoir, Fionnlagh MacLeòid, Aonghas MacNeacail agus Tormod MacGill-Eain - a-measg feadhainn eile.
Aig 6.30pm, bithear a' toirt suil air leabhar ùr Fhionnlaigh MhicLeòid, Dìomhanas, feasgar Disathairne, le greim-bidhe agus deoch an cois sin cuideachd.
Faodaidh clann bùthan-obrach ann an aithris sgeulachdan is ealain a fhrithealadh, fhad 's a bhios inbhich a-sas ann an sgrìobhadh cruthachail is bàrdachd, neo a bhith a' deasbad le panail bhoireanach air cèistean ceangailte ri litreachas na Gàidhlig.
Air an oidhche, bidh ceòl ann, agus bidh cothrom èisteachd ri Rody Gorman agus na h-orain aig Bob Dylan ann an Gàidhlig. Bidh Griogair Labhruidh a' seinn cuideachd.
Tha tuilleadh fiosrachaidh air www.myspace.com/ceolscraic - no fònaibh gu 0141 353 4900 airson tuilleadh fiosrachaidh no tiogaidean.
|
|
|
|