Dùn Èideann Disathairne 26 an t-Òg-Mhios, Mìcheal Klevenhaus

Bidh Mìcheal Klevenhaus ann an Dùn Èideann a' leughadh, agus a' comhradh, ann an Gearmailtis agus Gàidhlig, mun leabhar Der Schadel von Damien Hirst (An Claigeann aig Damien Hirst) - a' chiad leabhar ficsean Gearmailtis-Gàidhlig.

Bidh Mìcheal a' nochdadh aig uair feasgar, ann am Peter Bell Books, West Port, sa Grassmarket air Disathairne an 26mh latha. Tha seo an asgaidh agus bidh fàilte ron h-uile duine.


Tha Mìcheal a' fuireach faisg air Bonn ann an taigh am meadhan nam beanntan, an Siebengebirge. Thòisich e air Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1996, Colaiste na Gàidhlig air an Eilean Sgiathanach. Tha e ag obair mar fhear-naidheachd airson BBC Radio nan Gàidheal bho chionn 1999 agus 's e esan a' chiad Ghearmailteach a thaisbean prògram anns a' Ghàidhlig anns an t-sreath TBh Eòrpa.

Tha e a' teagasg na Gàidhlig agus seinn Ghàidhlig ann an Ionad na Gàidhlig agus a Cultar anns a' Ghearmailt ann am Bonn bho chionn 2002, ionad a chuir esan air chois.

'S e esan a' chiad Ghearmailteach a rinn ceum maighstreachd sa Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2005 agus tha cumhnant teagasg na Gàidhlig aige bho Oilthigh Bhonn.

Bidh Mìcheal Klevenhaus a' foillseachaidh rosg is bàrdachd Gàidhlig gu cunbhalach ann an Alba agus 's e esan a sgrìobh a' chiad treòraiche cànain airson na Gàidhlig anns a' Ghearmailtis. Bidh e a' teagasg clasaichean samhraidh airson luchd na Gearmailtis ann an Uibhist a Deas.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mun tachartas seo ri fhaighinn an seo.