Fèis WORD - 14-16 an Cèitean 2010

Tha prògram fèis leabhraichean WORD airson 14-16 an Cèitean2010 an Oilthigh Obar Dheathain air nochdadh. Theid leabhar ùr le Fionnlagh MacLeòid, Gormshuil an Rìgh, a chur air bhog.

An Adabroc ann an Nis, bha seann nighean a’ fuireach air an robh Gormshuil an Rìgh. Bha i dall agus i a’ còmhnaidh ann am bothag ann an doca-mhorghain an oir an rathaid. Bha iad air an lot a chall ann am fiachan, ’s air a dithis bhràithrean a chall anns a’ Chiad Chogadh, agus ’s iad balaich a’ bhaile a bh’ air a’ bhothag a thogail dhi. Thughadh iad i ’s bha i aca na taigh-cèilidh gus na thog iad a’ chiad bhothan dhaib’ fhèin a-muigh am baile. Gus mòine a thoirt a-steach bhiodh Gormshuil a’ ceangal siaman-Theàrlaich eadar sneic doras na bothaig agus cromag a bata, a’ bh’ aice na sheasamh am beul na cruaiche-mònach, ’s i a’ tighinn le fàd no dhà fo a h achlais ’s a làmh anns an t-siaman.

Ged a bha balaich a’ bhaile math dhi, bhiodh iad a’ tarraing aiste, ’s rinn iad amhran air mar bha i a’ dol a phòsadh, rud nach tachradh gu bràth. Bha facail ùr aca gan dèanamh mun bhothaig: ’s e an ‘samhradh’ a bh’ aca air a leabaidh agus a’ ‘bheochrum’ air a’ chùil anns an robh i. ’S bhiodh i fhèin ag radh mu na balaich: ‘Chroch iad an cat dubh air an t-srabhlaidh gus an saoilinn gur e samhla duine bh’ ann.’

Cha do dhìochuimhnich Fionnlagh MacLeòid a-riamh i. ’S ann an doca-mhorghain Gormshuil an Rìgh a tharmaich an sgeulachd seo, ’s à sin à baile àraich chaidh i air iteig.


Tuilleadh fiosrachaidh mu Fhèis WORD an seo