|
Taic do sgrìobhadairean Gàidhlig ùra Tha Comhairle nan Leabhraichean air a bhith ag obair còmhla ri Urras Leabhraichean na h-Alba air pròiseact ùr a tha a' toirt taic do sgrìobhadairean Gàidhlig ùra. Tha seo a' toiseachadh am bliadhna le taic do dithis, Iseabail NicIlleathain agus Niall O' Gallagher. Gach bliadhna, bidh ochdnar sgrìobhadairean le Beurla a' faighinn taic tro Urras Leabhraichean na h-Alba, ach seo a' chiad uair a fhuair sgrìobhadairean Gàidhlig leithid de thaic. Gheibh na sgrìobhadairean, thairis air naoi miosan, taic leasachaidh proifeiseanta a bhios freagarrach dhaibh fhèin, m.e. oideachadh, seiseanan comhairleachaidh neo cothrom-obrach air an cuid stuth mus gluais iad air adhart gu taic leasachaidh proifeiseanta.
Tha Iseabail NicIlleathain agus Niall O' Gallagher air a bhith soirbheachail am bliadhna, agus thathar an dòchas gum bi cothrom ann do dithis sgrìobhadair ùr Gàidhlig eile an ath bhliadhna.
Thuirt Iseabail NicIlleathain, aig a bheil uidh mhòr ann an rosg, "S e fìor thlachd 's urram a th' anns an duais a tha seo agus tha mi làn dhòchas an cothrom co-cheangailte ris a gabhail os làimh 's cur ri litreachas na Gàidhlig". Agus thuirt Niall O' Gallagher "Tha mi air mo dhòigh – abair cothrom agus brosnachadh a tha seo!"
Thuirt John Storey, a chur air chois an iomairt ùr, gur e "dithis air leth freagarrach a th'ann an Ishi agus Niall. Tha min dòchas gum bi taic ann gus an sgeama seo a bhith againn an ath bhliadhna - agus gum bi sgrìobhadairean Gàidhlig ùra a' faighinn cothrom agus gum bi iad air am brosnachadh."
Bidh fiosrachadh eile mun sgeama ann an 2010 a' nochdadh air làrach-lìn Urras Leabhraichean na h-Alba, an uine nach bi fada. ’S ann gu Urras Leabhraichean na h-Alba a bhios iarrtasan a’ dol.
Tuilleadh fiosrachaidh bho:
Scottish Book Trust New Writers Awards
Neo bho:
Caitrin Armstrong, Writer Development Manager
Scottish Book Trust
0131 524 0177
|
|
|
|