|
Bothan - Dùn Èideann, Dihaoine 03/07/2009 Aonghas Pàdraig Caimbeul - agus leabhar ùr - an ceathramh nobhail aige, Tilleadh Dhachaigh - aig BOTHAN air 3 Iuchar, mu 8.30pm oidhche Haoine.
Bha i air stad a chur oirnn, mar chlach‑mheallain. Mus deach sinn ro fhada.
Air eagal ’s gum milleadh an gaol an clàr‑ama. Oir bha cluasan math oirre,
’s a ceann fo iomagain mu dheidhinn morgaidsean an t‑saoghail agus margaidhean
ionmhais na cruinne. Thionndaidh i le breug de ghàire. “Tha mise bhon Bhòrd,”
thuirt i. “Agus sguab an gàire sin od aodann– bhon Bhòrd thuirt
mi, chan ann fon bhòrd. ’S cuimhnicheadh sibhse nach biodh trèana
sam bith ann gun am Bòrd. Neo bus neo plèan neo aiseag neo rathad
neo Gàidhlig neo beatha neo eile. Eil sibh gam chluinntinn?”...
A bharrachd air cothrom an leabhar seo fhaighinn agus leughadh bho Aonghas Phàdraig a chluinntinn, bidh òrain ann bho Ghillebride MacIlleMhaoil. Bidh ceòl ann cuideachd, agus cothrom comhraidh agus craic a dhèanamh ann an Gàidhlig.
Càite? The White Rooms(bàr shuas an staidhre) aig GRV, 37 Sràid Guthrie, EH1 1JG - faisg air Sràid Chambers.
Tuilleadh fiosrachaidh bho: duneideann.net neo (ma tha sibh air Facebook) tha fiosrachadh an seo cuideachd.
|
|
|
|