Slaightearan ri fhaighinn

Tha an leabhar Slaightearan, le Tormod MacGill-Eain, ISBN 9781900901307, (foillsichte gu h-oifigeil 31 Mart 2008) ri fhaighinn an seo.

Sgeulachd eibhinn - tha Murchadh ann an staing a‑rithist – mar bu mhinig a bha. Tha cunnart ann gun caill e na rudan as luachmhoire a th’ aige – a leannan ard eireachdail, Raonaid, is caitheamh‑beatha a tha a’ tighinn ris gu mòr. Cha toir ise dha ach an aon chothrom, is feumaidh e bhith sgiobalta.

Ach tha Murchadh na chleasaiche, is ’s dòcha gu bheil cleas ann a bheir fuasgladh dha. Is co aige a tha fios an uair sin co a bhios na shuidhe sa Chowgate an Dun Eideann, gun dachaigh, a’feitheamh ri Seirbheisean Shoisealta?

Sgeulachd aotrom eile o Thormod, a’ chuid mhor dhith a’ tachairt san Eilean Sgitheanach, ged a tha Badhlach, Tuathach is Leòdhasach aig cridhe gnothaich. Agus chan eil math dearmad a dheanamh air Iain (a chunnaic bhana a’ tulgadh air cidhe Uige) no Morag Hearach no Suki. Chan eil ise as an aite a shuilicheadh tu, ach anns an leabhar seo ’s e gle bheag a tha mar a shuilicheadh tu, ach gu bheil e eibhinn is eirmseach!

Bidh bocsa CD (leabhar-eisteachd mar a chanas iad - 3 CDan - an stoiridh air a leughadh le Tormod fhein, agus ceol le Griogair Lawrie) ri fhaighinn anns an Og-Mhios 2008.


Tha cothrom ann an leabhar fhaighinn an drasta.