|
Ann an 2010, ged a tha an taic-airgid gann taice ri iomairtean eile anns na h-ealain, tha sinn ag amas tro Ùr-Sgeul air rosg Gàidhlig laidir ùr do dh'inbhich a chur ann an clo. Tha bearn mhòr air a bhith ann a thaobh rosg ann an Gàidhlig, gu h-araid ficsean. Ghabh Comhairle nan Leabhraichean oirre a' bhearn seo a lìonadh. Tha sinn a' feuchainn ri cothrom-foillseachaidh ceart a thoirt do leithid Màiri Anna NicDhòmhnaill (sgrìobhadair Cleas Sgàthain, 2008) agus Tormod a' Bhocsair (sgrìobhadair Shrapnel, 2006). Beag air bheag, tha sreath ùr ga chur fa chomhair leughadairean.
Aig an ìre seo, sa Ghiblean 2010, tha sia air fhichead againn - seachd nobhailean deug agus naoi leabhraichean de sgeulachdan goirid. Tha coig leabhraichean-eisteachd (CD/DVD) nan cois cuideachd, le dà CD eile a tha a' toirt ròc agus litreachas còmhla (Na Gathan), le tuilleadh san amharc, ma gheibh sinn taic airson seo. Cuideachd, tha CD an asgaidh ann - cruinneachadh de sgrìobhaichean.
Tha an taic-airgid a tha sinn a' faighinn gu math ìseal taice ri iomairtean eile, mar a bha sinn ag radh. Chan urrainn dhuinn leudachadh mar a tha gnothaichean an dràsta, ged a tha sgrìobhadairean airson sgrìobhadh agus ged a tha leughadairean ann. Chan eil neach-deasaichadh làn-ùine againn, mar eisimpleir. Chan eil cuideigin làn-ùine a ni margaidheachd againn.
Anns an Dàmhair 2008, chuir sinn iarrtas gu Bòrd na Gàidhlig gus cuideachadh fhaighinn airson neach-deasachaidh làn-ùine fhastadh, agus tha sinn a' feitheamh freagairt bhuapa.
Tha aithisg air suidheachadh 2009 ma tha sibh airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn. |  |
|
'Se rosg Gaidhlig do dh'inbhich air a bheil sinn ag amas - le cuideam air ficsean.
Aig an ire seo, 'se nobhailean, agus sgeulachdan goirid, a tha air tighinn am follais. Tha sinn an dochas gum bi iomairtean eile gan deanamh - comhla ri, agus an co-bhonn le Ur-Sgeul - gus na seorsachan eile de sgriobhadh a tha riatanach a bhrosnachadh ann an doigh proifeasanta - mar eisimpleir sreathan ura de bhardachd no eachdraidhean-beatha. Tha e cudromach gum bi Bord na Gaidhlig agus buidhnean eile a' cur taic ris a seo. Chan eil ann an Ur-Sgeul ach aon oidhirp - oidhirp gu math beag - a tha a' cur taic ri litreachas na Gaidhlig - litreachas a dh'fhaodadh a bhith gu math fallain, na faigheamaid an cothrom. Tha cothrom air leth againn rudeigin a dheanamh mu dheidhinn seo, na faigheamaid taic laidir agus taic ceart. |
|
Chan e Comhairle nan Leabhraichean a tha a' foillsicheadh idir. Tha sinn airson foillsichearan a bhrosnachadh agus aig an ire seo, se CLAR (tha sianar a sas ann, agus tha iad steidhichte air a' Ghaidhealtachd) am foillsichear. |
|
Bheil sibh air rosg ur do dh'inbhich a sgriobhadh? Faodaidh sibh sgriobhadh mar seo a chur thugainn - agus bheir sinn suil air, feuch a bheil e freagarrach airson Ur-Sgeul.
Chan eil airgead ann airson a h-uile rud a chur ann an clo, ach b'choir dhuibh feuchainn co-dhiubh. Siuthadaibh!
Ma tha sibh airson sgriobhadh a chur thugainn, cuiridh blasad dhe na sgriobh sibh (can, 3 caibedil no mu 5,000 facal de sgriobhadh) gu
Ur-Sgeul
c/o Comhairle nan Leabhraichean
22 Sraid Achadh A' Mhansa
Glaschu
G11 5QP
B'fhearr leinn an stuth fhaighinn air disk (Word Document no PDF) agus beagan fiosrachaidh mu na tha sibh sgriobhadh cuideachd.
Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn. |
|
Tha... Comhairle nan Leabhraichean. Ach, tha comataidh-comhairleachaidh ann - triuir a tha mion-eolach air foillseachadh agus sgriobhadh Gaidhlig. 'S iad Jo NicDhomhnaill ( b'abhaist dhi a bhi air bord-stiuiridh Chomhairle nan Leabhraichean, agus tha i gu math eolach air foillseachadh Gaidhlig) Aonghas Dubh MacNeacail (an sgriobhadair ainmeil) agus Mark Wringe (Sabhal Mor Ostaig agus se esan a thoirt dhuinn Leugh an Leabhar, program-reidio a tha a' toirt suil air leabhraichean, Beurla agus Gaidhlig. Cluinnidh tu seo air Radio nan Gaidheal) |
|
S i Mairead Ross, a tha a' fuireach ann an Dun Eideann, a tha air leabhraichean-eisteachd a ghabhail os laimh gu soirbheachail - dh'iarr sinn air daoine iarrtasan a chur thugainn airson seo (sin mar a fhuair CLAR an cumhnant cuideachd). Tha sreath de CDan agus DVDan gam foillseachadh. Anns a' Ghearran 2009, bha coig ann - bidh duil ri 4 eile a dh'aithghearr, le tuilleadh air a' bhliadhna seo cuideachd, tha sin an dochas, ma bhios taic-airgid ann. |
|
|
|
|