Leirmheas - Gymnippers Diciadain

le Chuck Tripp, Alaska

"'S iomadh cèist inntinneach a nochd anns an leabhar seo..."

Gymnippers. 'S e ionad spòrs a th'ann ann an Dun Eideann, Alba far am bi clann a'faighinn leasain snàimh is eile, gach Diciadain 's am pàrantan nan suidhe gam feitheimh 's a'conaltradh ri chèile.

'S ann a sin a thachair fear DJ ri tè air a bheil Caroline, agus fhuair iad a-mach gur e Gaidheil a bh'annta le cheile. Mar sin thòisich iad a bhruidhinn ri chèile anns a'Ghàidhig agus leis gu robh iad ann an Dùn Eideann, bha cothrom aca còmhradh nas domhne a dheanamh. Mar a bha na seachdainnean a'dol seachad, dh'fhàs iad dlùth ri chèile.

Chan eil iad ro-thoilichte leis an cuid staid. Chan eil iad mi-thoilichte, ach chan eil iad buileach toilichte nas motha. Dh'fhàs e foilleasach gu bheil iad air slighe chun a bhith a'sìneadh le chèile. Ach an dean iad sin?
Alaska

Tha ceistean agus slighean èile gar tarraing tron leabhar. Ged nach robh e foilleasach an toiseachd, nochd fianais an siud 's an seo, mar a bha cùisean a'dol adhart, gu robh DJ an ìre mhath air a freumhan Gaidhealach thrèigsinn nuair a thachair e ri Caroline. Aon uair, dh'iarr e air Caroline a leisgeul airson a chuid Ghàidhlig. Cha bhruidhinn e ris a mhac sa Ghàidhlig, ao-choltach ri Caroline ris a nigheann aice-se. Ach tron chàirdeas le Caroline, nochdaidh e ùidh as ur sa Ghaidhlig. Ann an dòigh, 's ann le dùil co-ghineadh le Caroline a tha DJ air a tharraing air ais chun'a freumhan Gaidhealach. Gun teagamh, mur a b'e Caroline ann, cha bhiodh ùidh sam bith aige anns a' chùis. A bharrachd air a sin, chan eil cùisean buileach rèidh eadar DJ agus a mhac Brian. Tha a mhach ag ionndrainn athar. De an ceangail a th'eadar seo agus mar a tha e a' deiligeadh ri gnothaichean eile. Nochd cèist inntinneach eile cuideachd. A bheil saoghal na Gàidhlig na fhìor shaoghal, anns an t-saoghal na Beurla an Dùn Eideann? Neo an e dìreach aisling snog a th'ann? Tha earrann a ghlac m'aire mar shamhladh air an leabhar air fad, na mo bheachd. Nuair a bha Caroline 's DJ a'cur seachad beagan laithean ann an Uibhist, chaidh iad gu taigh-bìdh far an robh fear-frithealaidh ann a bha a' freagairt daonnan ann am Beurla, fiu 's nuair a bha iadsan a'bruidhinn ris anns a' Ghàidhlig. Bha iadsan a' teicheadh bho beatha laitheal a'bhaile mhòr airson saorsachd Gaidhealach anns na h-eileanan fhaighinn, dìreach mar a bha esan airson teicheadh bho na h-eileanan airson a'bhaile mhòr. 'S iomadh cèist inntinneach a nochd anns an leabhar. A bharrachd air a sin, dh'innis an caractar DJ dhuinn sgeulachd traideasanta- sgeulachd car eagallach a bhiodh freagarrach airson oidhche Shamhna - agus bu mhath leam an sgeulachd seo innse do mo chuid chloinne. Chòrd an leabhar rium gu mòr.

Copyright @ Chuck Tripp, Alaska 2005